Naidheachdan
Tè de Phrìomh Fhèisean Bhreatainn ag ainmeachadh Prògram sònraichte a' comharrachadh 15 bliadhna
The tè de phrìomh Fhèisean ciùil Bhreatainn ag amas air nach toir crìonadh an eaconomaidh buaidh air an còigeamh Fèis deug agus iad ag ainmeachadh liosta de shàr luchd ciùil na bliadhna-sa.
Tha Fèis Cheilteach Innse Gall (14mh gu 17mh Iuchar) stèidhichte ann an Steòrnabhagh ag ainmeachadh gum bi: RunRig, Imelda May, Julie Fowlis, Treacherous Orchestra, Adrian Edmondson agus na Bad Shepherds, Blazin' Fiddles, Breabach, Iain Morrison, The Fox Hunt, agus The Poozies a-measg an luchd ciùil a bhios an làthair.
Gheibh caraidean an Fhèis fiosrachadh mu shàr bhuidheann eile nuair a thèid a dhearbhadh.
Thuirt stiùiriche an Fhèis Caroline NicIllinnein, "Tha sinn air leth toilichte a bhith ag ainmeachadh prògram a tha làn beartas ciùil, le iomadh luchd duais nam measg agus gu math ùr ghnàthach. Se Run Rig fear de na buidhnean is cliùitiche an Alba, cuideachd bidh raon de cheòl bho punc air ionnsramaidean traidiseanta, buaidhean Afraganach agus seinn àlainn Gàidhlig. Tha mòran ann a chumas tlachd ri na mìltean de dhaoine a tha tighinn chun an Fhèis."
Se seo an 15 bliadhna den Fhèis a tha air prìomh dhuaisean a chosnadh agus a tha a' tàladh sluagh bho air feadh an t-saoghail. Tha luchd turais a tha a' tighinn bho rìoghachdan leithid na Stàitean Aonaichte, Canada, New Zealand a dèanamh air Steòrnabhagh gach bliadhna airson ceòl aig àrd inbhe a chluinntinn ann an àite air leth.
Chaidh an Fhèis ainmeachadh mar Thachartas na Bliadhna aig Duaisean MG Alba airson Ceòl Traidiseanta na h-Alba 2009 agus thathas an dùil a-nis an cliù sin a leudachadh.
Thuirt Caroline Maclennan, "A thaobh is gu bheil prìsean aig an Fhèis agus cosgaisean aiseig cho farpaiseil tha sinn cinnteach nach toir crìonadh an eaconomaidh buaidh air an tachartas. Bhon fheadhainn is òige gun fheadhainn is sinne tha ceòl ann a tha freagairt air na h-uile gun a bhith ro throm air am pòcaid."
Thuirt Paul Bush, OBE, Àrd Oifigear Gnìomhachaidh aig EventScotland, "Chan eil samhail Eileanan an Iar na h-Alba ann a thaobh bòidhchead nàdarra agus tha iad a' faighinn buannachd bhon luchd turais a tha a' frithealadh Fèis Cheilteach Innse Gall. Brosnachaidh maoin EventScotland gach pàirt den phrògram shònraichte a' dèanamh cinnteach gu soirbhich leis an Fhèis anns an 15mh bliadhna agus anns an àm ri teachd."
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu phrògram leudachaidh an Fhèis, an fhosglaidh agus bùthan obrach làitheil anns na mìosan a tha romhainn.
Anns an Teanta Ghorm:
Diardaoin 15mh Iuchar
(Gheibh caraidean an Fhèis fiosrachadh mu shàr bhuidheann eile nuair a thèid a dhearbhadh.)
Blazin' Fiddles; Adrian Edmondson agus na Bad Shepherds
Dihaoine 16mh Iuchar
Imelda May; Julie Fowlis; agus an Treacherous Orchestra
Disathairne 17mh Iuchar
Run Rig; Breabach
Luchd ciùil eile a tha nochdadh san Lanntair agus ann an coimhearsnachdan air feadh Leòdhais agus na Hearadh : Iain Moireasdan, The Poozies, Kathleen NicAonghais, The Fox Hunt, Mànran, Mhairi Hall Trio, Alasdair White agus Jane Hepburn agus Oidhche Chiadain.






Hook up with us
Spread the word